Tidsearan (Stiuiruchean Sgiobaidhean)

Stiùireadh dha Tidsearan

Bheir làrach-lìn an Dùbhlain Mhòir Uaine beachd air fiosrachadh riatanach, a thuilleadh air comhairle mu bhith a’ bruidhinn gu poblach agus air puingean tòiseachaidh mu dheasbad. Air an duilleig seo tha dòighean a bharrachd gus sgioba (no sgiobaidhean) do sgoile a chuideachadh le bhith soirbheachail sa cho-fharpais.

A’ togail sgioba

’S e a’ chiad rud a dh’fheumas tu a dhèanamh sgioba de thriùir a thogail. ’S e aon dòigh air seo a dhèanamh faighneachd cò bhiodh deònach, ach ’s dòcha nach e seo an dòigh as fheàrr. Dh’fhaodadh sibh farpais deasbaid a chur air dòigh san sgoil agus brosnachadh a thoirt dhan a h-uile duine gus pàirt a ghabhail; dh’fhaodadh sibh eadhon farpais a chur air dòigh eadar clasaichean ann an cuspairean freagarrach. ’S dòcha nach e an fheadhainn a bha thu a’ smaoineachadh a bhiodh math ann an deasbad a tha math. ’S e dòigh mhath a th’ ann an seo air na sgoilearan – agus thu fhèin – fhaighinn cleachdte ri cruth na co-fharpais.

Cuimhnich, faodaidh sgoilearan eadar a’ chiad ’s an treas bliadhna a bhith san sgioba a chuireas tu a-steach – cha leig iad uile a leas a bhith bhon aon bhliadhna. Ma tha gu leòr ùidh sa chùis, faodaidh sibh dà sgioba a chur a-steach.

A’ leasachadh na sgioba

Bheir mar a tha sgioba ag obrachadh còmhla, agus an ceangal a th’ eatorra, buaidh air mar a choileanas iad air an latha mhòr. Mar sin tha e cudromach gun tig iad cruinn còmhla gus bruidhinn air beachdan agus air mar a bhios an deasbad a’ dol.

Ged a bhios dreuchd air leth aig gach ball den sgioba, feumaidh deagh eòlas a bhith aca uile air cuspair an deasbaid. Tha ceanglaichean gu leòr air an làraich-lìn seo gu goireasan buntainneach, ach seach gur e cuspair adhartach a tha seo bu chòir sgoilearan a bhith air am brosnachadh gu bhith a’ coimhead air na naidheachdan airson fiosrachaidh ùir. Faodaidh an triùir bhall san sgioba bruidhinn air na dh’ionnsaich iad agus plana a dheasachadh mu nu cuspairean a bu chòir dhaibh sgrùdadh, stèidhte air an dreuchdan fa leth mar Neach-cathrach, Neach-labhairt is Ceistear – ’s e deagh bheachd a th’ ann toirt orra smaoineachadh air puingean ron choinneimh.

Tha e riatanach dha gach sgioba gun cuir iad eòlas air a’ ghnothach ron tachartas. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ ruith thairis air nithean leotha fhèin agus air beulaibh luchd-èisteachd. Bidh e na chuideachadh dha sgioba ma ruitheas iad thairis air an deasbad grunn thursan gus am faic iad far nach eil an argamaid a’ seasamh, far a bheil mearachdan ann agus far am faod iad leasachadh a dhèanamh. Cuidichidh e cuideachd airson an ùine fhaighinn ceart. Dh’fhaodadh sibh toirt air an sgioba a dhol tro na h-argamaidean air beulaibh luchd-èisteachd de sgoilearan. Dh’fhaodadh beachdan a bhith acasan air nach do smaoinich an sgioba.

 

Copyright © 2008 Highlands and Islands Enterprise. To get in touch, please email us.