Ceistean Cumanta
A bheil thu airson tuilleadh ionnsachadh mun Dùbhlan Mhòr Uaine?
Seall air na ceistean gu h-ìosal agus ma tha ceistean eile agad cuir fios thugainn.
Co mheud sgioba a dh’fhaodas mi a chur a-steach?
Faodar suas ri 2 sgioba a chur a-steach anns gach sgoil. An-uiridh chùm cuid de sgoiltean an cuairtean-dearbhaidh fhèin airson sgiobaidhean a thaghadh mus deach iad a-steach dhan Dùbhlan Mhòr Uaine.
Dè na tha inntrigeadh a’ cosg?
Tha an Dùbhlan Mòr Uaine AN-ASGAIDH! A thuilleadh air sin, faodaidh tu inntrigeadh airson duaisean a bhuannachadh dhan sgoil agad.
Chuala mi mun cheisteachan ‘Tha an t-Slighe Uaine’ . An e sin an aon rud ris an Dùbhlan Mhòr Uaine?
Chan e, ’S e Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean a tha a’ ruith an Dùbhlain Mhòir Uaine agus ’s e co-fharpais deasbaid a th’ ann, fosgailte dha clann-sgoile eadar a’ chiad ’s an treas bliadhna ann an roinn na Gàidhealtachd is nan Eilean. ’S e th’ ann an ‘Tha an t-Slighe Uaine’ ach iomairt a th’ air a ruith le Dreuchdan na h-Alba gus brosnachadh a thoirt dha clann-sgoile smaoineachadh mu dhreuchd ann an cumhachd ath-nuadhachail.
Dè na stuthan-taice a gheibh mi?
Bidh sinn a’ sgaoileadh pasgain gu sgoiltean le fiosrachadh mun cho-fharpais agus mu na dòighean inntrigidh. Bidh sanasan is comhairle sa phasgan cuideachd airson do chuideachadh a’ tòiseachadh. Bidh sinn cuideachd a’ cur a-mach litrichean-naidheachd cunbhalach agus ag ùrachadh làrach-lìn an Dùbhlain Mhòir Uaine – mar sin, cùm do shùil oirre.
Càite am faigh mi fiosrachadh mu chumhachd ath-nuadhachail?
Seall ris an duilleig-ceangail againn agus cuideachd ris an duilleig airson agus an aghaidh. Tha sinn air rannsachadh a dhèanamh air goireasan fiosrachaidh freagarrach bho àrd eòlaichean gus am bi suthan agad airson deasbad a thòiseachadh!

